Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Anna Murray > Into Indigo > Saoil A' Mhór
|
Saoil A' Mhór |
| Credits : | Traditional; arranged by Anna Mhoireach & Iain F. MacLeod |
| Appears On : | Into Indigo |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Sèist : | Chorus (after each verse) : |
| Saoil a Mhòr am pòs thu? | Morag, do you think you'll marry? |
| Saoil am pòs thu Fiullaigean? | Do you think you'll marry Fiullaigean? |
| Saoil a Mhòr am pòs thu? | Morag, do you think you'll marry? |
| Theireadh gu leòr nach b' urrainn dhut | Plenty would say that you couldn't |
| 'S beag a bha dùil aig do mhàthair | Little did your mother think |
| Gur h-ann do dh' Arnol a chuirt' thu | That you would be sent to Arnol |
| An deidh cho grinn 's a bha thu | After how skillful you were |
| Air do shnàthaid mhuslin | With your muslin needle |
| Ged a bha Fiullaigean spàgach | Although Fiullaigean was heavy-footed |
| Dheanadh e ceàrd a h-uile fir | He could turn his hand to anything |
| Chuireadh e craobh ann an gàradh | He would plant a tree in the garden |
| Chuireadh e càl is curranan | He would plant cabbages and carrots |
| Thog e tigh-geal ann an Arnol | He built a white house in Arnol |
| Anns an robh àird' neo-chumanta | Of unusual height |
| Staidhrichean cama le sgàthain | A winding, mirrored staircase |
| Chun an ruim àird' aig Fiullaigean | Up to Fiullaigean's top room |
| 'Nuair a thig luingeas na bàn-righ | When the Queen's ship comes |
| Nall air an t-sàl le gunnachan | Over the sea with its guns |
| Thig iad a steach a Loch Arnoil | They will sail up Loch Arnol |
| Dh' fhaighneachd càit' eil Fiullaigean | To ask where Fiullaigean is |
| Thainig litir a nall as an Fhraing | A letter came over from France |
| Is t' eile nall á Ruisia | And another over from Russia |
| Paipearan feadh na Roinn-Eòrp' | Newspapers all over Europe |
| Ag innseadh mu phòsadh Fhiullaigein | Telling of Fiullaigean's wedding |
| (Sèist 2x) | (Chorus 2x) |